Jump to content

Còiseam Mòr

O Uicipeid
Còiseam Mòr
seanadair Ròmanach


Impire na Ròimhe

25 dhen Iuchar 306 (Gregorian) - 22 dhen Chèitean 337 (Gregorian)
pontifex maximus (en) Translate

25 dhen Iuchar 306 - 22 dhen Chèitean 337
Beatha
Ainm slàn Flavius Constantinus
Breith Niš (en) Translate, 27 dhen Ghearran 272
Dùthaich An t-Seann Ròimh
Bàs Nicomedia (en) Translate, 22 dhen Chèitean 337
Àite-adhlacaidh Church of the Holy Apostles (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra
Teaghlach
Athair Constantius Chlorus
Màthair Helena Augusta
Cèile Minervina (en) Translate
Fausta (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Constantinian dynasty (en) Translate
Foghlam
Cànain Laideann
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, luchd an airm agus flaitheach
Obraichean comharraichte Debates of Constantine (en) Translate
Tèarmann
21 an Cèitean agus 6 an Giblean
Creideamh
Creideamh Crìosdaidheachd
creideamh san t-Seann-Ròimh

B' e impire nan Ròmanach a bha ann an Còiseam Mòr.

Rugadh e ann an Niš, no Naissius mar a bha air aig an àm sin, anns an Roinn Bhàlcanach ann an 272.[1] Thàinig e gu Breatainn ann an 305 còmhla ris athair Constantius Chlorus a bha na ìmpire aig an àm is a chaochail ann an Eabhraig ann an 306. Fhuair e taic bho saighdearan Ròmanach is chaidh e na ìmpire. Thug e taic gu Crìostachd, a bha mì-laghail anns an Ìmpireachd ro Fuagradh Mhilan ann an 313, is fhuair Eabhraig a chiad easbaig ann an 312. Stèidhich e Baile Chòiseim ann an Anatol.[2]

Bha ceithir impirean aig an àm sin agus cha robh smachd aige air an Ròimh gus Blàr Drochaid Milvio ann an 312 far an do thug a fheachdan buaidh air Maxentius, ìmpire eile. Thug e buaidh air Licinius agus Licinianus, na h-ìmpirean eile mu dheireadh, anns na Blàran Hellespont agus Chrysopolis is chaidh e na ìmpire aonair ann an 324. Chaochail e ann an 337.[1]

Fo Chòiseam Mòr ann an 325 thachair Comhairle Nicaea ann an Nicaea, faisg air Baile Chòiseam. An sin dh'aontaich muinntir nan eaglaisean Crìostail air algairim airson ceann-là na Càisge is Creud Nicaea - dè bu chòir do Chrìostaich a chreidsinn.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Constantine the Great (c.272 – 337)”. York Civic Trust. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.
  2. Constantine the Great”. York Museums Trust. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.
  3. Seanadh Whitby (2)”. Litir do Luchd-Ionnsachaidh. LearnGaelic.scot. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.
  翻译: